Bratach a’ Mhòid tighinn a Ghlaschu a’ comharrachadh na slighe gu Mòd Nàiseanta Rìoghail 2019

30th November 2018

Gabhaidh Pròbhaist Ghlaschu ri Bratach a’ Mhòid aig tachartas speisealta taobh a-muigh Seòmraichean a’ Bhaile air 27 mh Samhain aig 10m, a’ comharrachadh gu bheil am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ tilleadh don bhaile.

Thèid a’ bhratach a bhuileachadh air a’ Phròbhaist Eva Bolander le clann bho sgoiltean Gàidhlig a’ bhaile. Bidh na sgoilearan agus a’ bhratach air an giùlain gu Seòmraichean a’ Bhaile ann an tacsaidh a bhios a’ taisbeanadh branndadh Mòd Ghlaschu 2019, le sponsaireachd bho Glasgow Taxis.

Thuirt am Pròbhaist: “Tha mi air mo dhòigh glan an cothrom seo fhaighinn agus fàilte a chur air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail air ais a Ghlaschu às dèidh 29 bliadhna. Tha e a’ gealltainn a bhith na chomharrachadh iongantach air cultar is dualchas na Gàidhlig.

“Mar phìobaire dealasach amaitearach mi fhìn agus mar thosgaire pròiseil do ar baile agus an dualchas cultarach saidhbhir co-cheangailte ris, ‘s e urram a th’ ann dhomh gabhail ri Bratach a’ Mhòid.

“Tha fios agam gu bheil gach neach a tha an sàs san tachartas anabharrach seo gu mòr air bhioran ga fheitheamh. Tha sinn air a bhith ag ullachadh airson an tachartais air leth seo còmhla ris a’ Chomunn Ghàidhealach agus a’ Chomataidh Ionadail, bho bha sinn soirbheachail san tagradh air a shon ann an 2015. Faodaidh farpaisich agus luchd-tadhail a bhith cinnteach à fàilte bhlàth ann a bhith a’ cur eòlas air aoigheachd is càirdeas a tha aithnichte air feadh an t-saoghail mhòir, bho mhuinntir a’ bhaile againn,

“Tha Gàidhlig air a bhith ga labhairt ‘s ga cluinntinn ann an Glaschu airson nan ceudan de bhliadhnaichean, ach thòisich an cànan a’ fàs le gluasad nan Gàidheal às a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, daoine a thàinig an seo a dh’fhuireach agus a dh’obair air bruachan Abhainn Chluaidh. Tha sinn a-nis a’ faicinn brùchdadh nua-aimsireil ann an leasachadh na Gàidhlig nar coimhearsnachdan ‘s nar sgoiltean.

“Tha mi air leth toilichte gu bheil clann à Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail agus Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu còmhla rium an seo. Tha còrr air 1000 sgoilear air an teagasg ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an seo ann an Glaschu, a’ taisbeanadh ar dealais leantainnich don Ghàidhlig agus rùn suidhichte a’ bhaile air ar dualchas Gàidhlig a leasachadh agus a chumail suas.”

Thuirt Neach-gairm na Comataidh Ionadail, Dòmhnall Iain MacIlleDhuinn: “Tha e mìorbhaileach a bhith a’ toirt a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a Ghlaschu san Dàmhair 2019. Tha fios agam gun dèan Baile Mòr nan Gàidheal cinnteach gum bi fàilte bhlàth ro gach neach a bhios a’ frithealadh, eadar farpaisich agus luchd-amhairc.

“Tha sinn a’ dèanamh ar dìchill prògram tlachdmhor brosnachail de thachartasan a liubhairt tarsainn sreath de dh’ionadan-cruinneachaidh a’ bhaile. Is e ar n-àrd-mhiann Mòd nach tèid à cuimhne a chur air bhonn do fharpaisich, an teaghlaichean ‘s an caraidean agus do luchd-èisteachd ann am farsaingeachd. Tha sinn sàr mhoiteil a bhith a’ dèanamh mòr-thaisbeanadh aig an fhèis seo air an tàlant, cultar is dualchas Gàidhlig as fheàrr a th’ againn.”

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith bho 11-19 Dàmhair 2019. Am measg na bhios sa phrògram, bidh raon de chuspairean farpaiseach a’ gabhail a-steach òrain Ghàidhlig, bàrdachd, litreachas, dràma, ceòl ionnsramaidean, dannsa Gàidhealach agus spòrs.

< back